Ged nach eil mòran mothachaidh ga thoirt dha seo uaireannan, bha ceà rnaidhean san Ear-Thuath aig aon à m taobh a-staigh na Gà idhealtachd, le paraistean air Brà igh Dhè leis na coimhearsnachdan fa dheireadh a bha a' bruidhinn na Gà idhlig. B' i a' Bh-ph Sìne NicGilleBhà in à Brà igh Mhà rr, a dh'eug ann an 1984, an neach mu dheireadh aig an robh Gà idhlig Siorrachd Obar Dheathain. Tha Leabhar Dhèir cuideachd na cheangal cudromach eachdraidheil don Ghà idhlig. Chuireadh ri chèile e aig Manachainn Ceilteach ann an Dèir, Siorrachd Obar Dheathain; san deicheamh linn (le barrachd ga chur ris san darna linn deug) agus tha e a' toirt dhuinn sealladh iongantach air a' chultar, air an Eaglais agus air muinntir Alba, Shasainn agus Èireann sna linntean sin. Lorgas ann cuid dhe na h-eisimpleirean as sine de sgrìobhadh Gà idhlig na h-Alba sna meadhan aoisean.
Tha an-diugh mu 2,500 neach aig a bheil Gà idhlig ann am baile Obar Dheathain agus ann an Siorrachd Obar Dheathain. Anns a' bhaile fhèin, tha foghlam Gà idhlig ri fhaighinn bho aois ro-sgoil suas gu ìre ceuma agus iar-cheuma.
Theirig an sàs ann an Coimhearsnachd Ghà idhlig Obar Dheathain!
Tha à ite gu math cudromach aig luch dobrach agus oileanaich Oilthigh Obar Dheathain ann an coimhearsnachd Ghà idhlig na sgìre, agus iad an sàs mar bhuill agus luchd-taice bhuidhnean leithid Club Gà idhlig Obar Dheathain, Còisir Ghà idhlig Obar Dheathain agus Comann Cultair agus Traidiseanan na h-Alba (SCAT).
Tha an t-Oilthigh cuideachd a' dèanamh obair chudromach sa choimhearsnachd tro na tachartasan air an cur air dòigh leis a' .