Rè na ciad linn deug, b' i a' Ghà idhlig prìomh chà nan a' chuid bu mhotha de dh'Alba (a' gabhail a-steach an Ear-Thuath), mar a tha ainmean-à ite a' sealltainn dhuinn. Bhon à m seo, ge-tà , tha a' chà nan air crìonadh. Chunnacas Gà idhealtachd fa leth a' tighinn am follais aig deireadh na ceathramh linn deug. Lorgas an-diugh air a' Ghà idhealtachd agus na h-Eileanan 55 sa chiad den 58,652 daoine aig a bheil Gà idhlig an Alba. 'S ann am measg choimhearsnachdan air an Eilean Sgitheanach, sna h-Eileanan Siar agus, gu ìre nas lugha, an Eileanan Earra-Ghà idheal, a lorgas a-nise fìor choimhearsnachdan Gà idhlig na h-Alba.
Tha eilthireachd às a' Ghà idhealtachd air a bhith na rud cumanta bhon ochdamh linn deug a-mach, nuair a chaidh coimhearsnachdan Gà idhlig a stèidheachadh ann am bailtean mòra na h-Alba, leithid Glaschu, Grianaig, Pà islig, Dùn Èideann, Dùn Dè agus Peairt. Lorgas coimhearsnachdan beòthail Gà idhlig ann am bailtean mòran na h-Alba uile.
Bha na h-uimhir de dhaoine a' falbh a-null thairis san ochdamh agus trà th sna naoidheamh linn deug agus gun do dh'èirich coimhearsnachdan Gà idhlig ann an dùthchannan eile. Lorgadh an tè a b' ainmeil dhiubh seo ann an Canada. Tha Gà idheil ri fhaighinn ann an Canada fhathast, gu h-à raidh ann an Alba Nuadh, far a bheil coimhearsnachd bheag de dhaoine a thogadh leis a' Ghà idhlig agus à ireamh nas motha de dhaoine a tha ga h-ionnsachadh. Tha coimhearsnachd na Gà idhlig, san là an-diugh, na coimhearsnachd a tha sgapte air feadh na cruinne.