Tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Obar Dheathain an dùil dithis luchd-obrach ùr a chur an dreuchd, a' gabhail a-steach Neach-Cathrach, airson comharrachadh 2004 mar bhliadhna de dhealasachd airson Roinn Ceilteach an latha an-diugh.
Bidh am prìomhachas a tha Oilthigh Obar Dheathain a' toirt do rannsachadh agus teagasg aig à rd-ìre ann an cuspairean Ceilteach, agus ann an Gà idhlig na h-Alba gu sònraichte, air à rdachadh. Bidh an Oilthigh a' fasdadh sgoilearan ionmholta a choisinn cliù eadar-nà iseanta anns na cuspairean aca.
Thuirt an t-Ard Ollamh Brian MacGriogair, Ceannard Colaiste nan Ealan is Saidheansan Sòisealta: "Bidh Neach-Cathrach ùr a' togail air inbhe rannsachadh na Gà idhlig agus rannsachadh na Ceiltis taobh a-staigh na h-Oilthigh agus tha seo na phà irt de leasachaidhean ann an Roinn na Ceilitis. Thathar an dùil Oilthigh Obar Dheathain a stèidheachadh às ùr mar ionad cudthromach airson rannsachadh agus teagasg na Gà idhlig. Tha sinn a' cur romhainn ar n-obair a stiùireadh ann an dòigh a bhios a' buntainn ri suidheachadh ùr na Gà idhlig ann am foghlam agus obair-leasachaidh.
Chuir an t-Ollamh Tormod MacGilliosa, Stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, sà r ionad cà nain agus dualchas nan Gaidheal, fà ilte air an naidheachd; " Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr air ar dòigh gu bheil Oilthigh Obar Dheathain air a' cheum seo a ghabhail agus tha sinne a-nise a' coimhead air adhart ri barrachd cho-obrachadh leotha. Bidh lìonradh de dh' ionadan air feadh Alba, a' toirt seachad cothroman ionnsachaidh, na bhuannachd mhòr ann an obair-leasachaidh na Gà idhlig. Bidh e inntinneach dhà -rìreabh nuair a thèid an luchd-obrach seo a chur an dreuchd agus tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dhan oilthigh."
Thuirt Ailean Caimbeul, à rd-oifigear buidheann leasachaidh Bhòrd na Gà idhlig, " Tha traidisean fada iomraiteach aig Oilthigh Obar Dheathain ann an teagasg agus rannsachadh nan cà nan Ceilteach, agus bha sin gu h-à raidh fìor mu Ghà idhlig na h-Alba. Bha iomagain ann o chionn ghoirid gun robh an Roinn air crìonadh agus tha e na thogail cridhe cluinntinn gu bheil an Oilthigh ga h-ath-stèidheachadh fhèin mar ionad cudthromach airson Gà idhlig. Tha misneachd ùr ann airson Gà idhlig san à m ri teachd ach tha pailteas saothair romhainn fhathast. Mar sin, tha an naidheachd seo fìor iomchaidh agus tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis an Oilthigh ann an bhith a' fasdadh an luchd-obrach seo."